Tha an t-sreath ciùil Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile a’ gabhail àite aig àm a tha air leth iongantach nar n-eachdraidh. Le luchd-ciùil ag ionndrainn a bhith a’ cluich beò aig cuirmean, tha an t-sreath seo a’ toirt cothrom dhaibh a bhith a’ taisbeanadh ceòl is òrain bhon dachaighean fhèin. Togaidh Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile air a sin, le bhith a’ toirt cuireadh do luchd-ciùil à Alba, Èirinn, tìr-mòr na h-Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte ceangal a dhèanamh le luchd-leantainn tro thaisbeanaidhean innleachdail agus faireachail. Bheir gach prògram cothrom do dhithis luchd-ciùil taghadh is deasachadh a dhèanamh air sia pìosan ciùil. B’ e Siobhan Miller agus Euan Burton a dheasach a program agus a thagh na luchd-ciùil, na measg Kathleen MacInnes Karan Casey, Louis Abbott , Hannah Read, Kris Drever and Olov Johannsson. Le chruth innleachdail, bheir Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile àrd-ùrlar ùr do shaoghal a chiùil.